Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na h-Ìnnseachan

Chuir cùirt anns na h-Ìnnseachan binn bàis air ceathrar dhaoine a chaidh am faighinn ciontach na bu thruaithe an t-seachdain seo fo chasaid gun do dh'èignich agus gun do mhurt iad boireannach òg. Thug na fir ionnsaigh air an oileanach, a bha 23, air bus ann an Delhi san Dùbhlachd an-uiridh.

An Ruis

Chaidh 37 duine a mharbhadh ann an teine aig ospadail thinneas inntin ann an ceann an iar thuath na Ruis. Tha aithrisean ann gur fhada bho thog feadhainn dragh mu shàbhailteachd an ospadail a bha air a togail le fiodh.

Teine

Chaill ceathrar am beatha ann an teine aig taigh ann an Leicester. Tha poilis a' rannsachadh a bheil ceangal aig an teine ri murt duine anns a' bhaile an-dè.

Siria

Tha luchd-sgrùdaidh an UN ag ràdh gu bheil feachdan an riaghaltais ann an Siria a' dèanamh targaid a dh'aona-ghnothaich air ospadal agus a' cur bacadh air cùram do dh'euslaintich. Agus tha coinneamh ann an Geneva an diugh a-rithist mun dòigh as fheàrr air dèilgeadh ri armachd cheimigeach Shiria agus diofar dhùthchann a' deasbad plana na Ruis airson armachd Shiria a chur fo smachd eadar-nàiseanta.

Santander

Chuir polilis ann an Lunnainn dà dhuine deug an greim fo amharas gun do dh'fheuch iad ri muilleanan not a ghoid bho Bhanca Santander. Tha na poilis den bheachd gu robh iad a' feuchainn ri bristeadh a-staigh gu siostam compiutair a' bhanca bho astar.

Sgoil

Chaidh àrd-thidsearan a thoirt a-mach à sgoil ann an Ceann a Deas Shiorrachd Lannraig far a bheil ùpraid mu bhuaidh bhuidheann chreidmheach às na Stàitean Aonaichte. Tha pàrantan aig Bun-sgoil Kirktonholme ann an Cille Brìghde an Ear a' gearan mu bheachdan an Church of Christ. Ghluais Comhairle Cheann a Deas Shiorrachd Lannraig dithis thidsearan a-mach às an sgoil agus thuirt an t-ùghdarras gu bheil làn rannsachadh ann mu dhòighean-stiùridh na sgoile.

Eastern Airways

Tha Eastern Airways ag iarraidh còmhradh le fear do bhuill Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall Crichton, agus le riochdaire bho luchd-obrach na h-ola mun t-seirbheis aca eadar Steòrnabhagh agus Obar Dheathain agus luchd-obrach na h-ola air a bhith a' gearan bho chionn fhada nach eil an t-seirbheis freagarrach. Tha iad ag ràdh gu bheil am pleana a' siubhal aig àm a tha a' ciallachadh gu bheil iad a' call là aig ceann gach turas dhan Chuan a Tuath. Tha an Comhairliche Crichton ag ràdh gur e adhartas a th' ann gu bheil a' chompanaidh airson bruidhinn riutha mun t-suidheachadh.

Chemist

Bha còrr 's ceud duine aig coinneimh ann an Loch nam Madadh an-raoir far an do thog iad dragh mun phlana airson buth chemist ùr ann am Baile Mhanaich. Nam faigheadh a' bhùth sin cead, cha bhiodh tuilleadh na h-ionadan dotair ionadal a' cur a-mach cungaidhean-leigheis agus tha dragh ann mun astar a thigeadh air daoine siubhal airson cungaidhean-leigheis. Thog a' choinneamh cuideachd teagamh mun iarrtas airson na bùtha ur.