Ceist Ghàidhlig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Bhòtadh sa Ghàidhlig às dèidh 2014?

13 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bu chòir coimhead ri pàipearan bhòtaidh 'son a h-uile taghadh ann an Alba a bhith dà-chànanach - às dèidh an referendum air neo-eisimileachd na h-Alba ann an 2014.

Sin am beachd a thàinig bho BhPA Ghallaibh, Chataibh agus Rois, an Nàiseantach Rob Gibson, 's e a' bruidhinn aig deasbad ann an Holyrood Diardaoin far an do chuir buill taic ri prionnsabalan Bile an Referendum.

Thuirt e nach deach argamaid làidir gu leòr a dhèanamh gum bu chòir Gàidhlig a bhith air pàipearan bhòtaidh san referendum.