Ceistean ùra mu bhùth chemist Uibhist

Cunghaidh-leigheis Tha Local Pharmacies Earranta am beachd bùth chemist fhosgladh ann am Baile Mhanaich.

Sgeulachdan co-cheangailte

Nochd dragh gum faodadh planaichean 'son bùth chemist ann am Beinn nam Fadhla droch bhuaidh a thoirt air slàinte seann daoine ann an Uibhist.

Tha a' chompanaidh Local Pharmacies Earranta air plana a chur air adhart airson bùth chemist fhosgladh ann am Baile Mhanaich.

Tha co-chomhairlicheadh a' dol mun ghnothach an-dràsta is bha còrr is 100 duine aig coinneimh ann an Loch nam Madadh oidhche Dhiardaoin.

Astar

Nochd draghan a-rithist gum bi aig daoine ri siubhail astar gu math nas fhaide 'son cungaidhean-leigheis na tha iad an-dràsta, ma tha iad gan toirt seachad à chemist ùr seach na h-ionadan dotair a th' ann.

"Tha sinne 10 mìle bho Loch nam Madadh agus nam biodh againn an uairsin ri prescription no càil fhaighinn bhiodh againn ri dhol 30 mìle sìos gu Baile Mhanaich ga iarraidh", thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Bheàrnaraigh, Dòmhnall MacIlleathainn.

"Ann am Beàrnaraigh tha tòrr de sheann daoine ann agus tòrr aca, chan eil càraichean aca.

"Gheibh iad uaireanan nàbaidh no cuideigin a bheir iad sios gu Loch nam Madadh ach chan iarradh idir air cuideigin a bheireadh sìos gu Baile Mhanaich iad is air ais", thuirt e.

A rèir fhir de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Uisdean Robasdan, dh' fhaodadh an suidheachadh sin slàinte seann daoine a chur ann an cunnart.

"Ann an àiteachan eile air Tìr-Mòr far a bheil seo air tachairt, chan eil seann daoine a' dol a dh'iarraidh na cungaidhean-leigheis aca.

"Draghail"

"Tha trioblaidean an uairsin a' sgapadh agus 's e gnothach gu math draghail a tha sin.

"Tha e gu math gu math draghail ma tha sin a' dol a thachairt far nach tig seann daoine a thogail na cungaidhean-leigheis aca is gum fàs iad gu math nas miosa nan slàinte", thuirt e.

Thuirt an Dotair Seumas Ward bho Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar gun èisd iad ris na draghan air fad a th' air nochdadh anns a' cho-chomhairlicheadh.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • FlòdaigearraidhÀrainneachd agus Cànan

    Cùrsa anns an Eilean Sgitheanach as t-samhradh far am faighear briathrachas na Gàidhlig airson leithid lusan agus ainmhidhean.


  • Miss PiggyClò Mòr air a' Bhan-Mhuic

    Chunnacas Miss Piggy ann an deise den Chlò Mhòr a rinneadh le Vivienne Westwood.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.