Tuath an aghaidh Deas aig an Àird

  • 12 An t-Sultain 2013
Cupa na Camanachd
Tha Bail' Ùr an t-Slèibh air Cupa na Camanachd a bhuannachadh 29 tursan, is Caol Bhòid 21 tursan.

Thèid na clubaichean iomain as soirbheachail bho thuath is deas an aghaidh a chèile Disathairne gus farpais airson na duais as motha san spòrs, Cupa na Camanachd.

Tha Bail' Ùr an t-Slèibh is Caol Bhòid air a' Chupa a bhuannachadh 50 tursan eatorra is tha dàimh shònraichte aca air sgàth na camanachd, a dh'aindeoin is gu bheil astar mòr eadar Bail' Ùr an t-Slèibh is Taigh na Bruaich.

"A' fàs suas ann am Bail' Ùr an t-Slèibh agus a' cluich iomain sgoile cha d' fhuair mi cothrom cluich an aghaidh nam balach à Caol Bhòid. Chaidh innse dhomh tric leis an fheadhainn as sine nach robh mi mar sin air cluich an aghaidh an fheadhainn as fheàrr a bh'ann".

Sin beachd Iain MhicChoinnich, fear de laoich Bhail' Ùr an t-Slèibh air a' phàirc anns na 1970's agus seann Cheann-suidhe air Comann na Camanachd, is faodar a bhith cinnteach gun robh an aon seòrsa bheachd am measg muinntir Thaigh na Bruaich air a' Bhail' Ùr.

Mullach

Choinnich na sgiobaidhean sa chuairt dheireannaich mu dheireadh ann an 1980 ach tha iad air èirigh gu mullach na spòrs às ùr bho chionn beagan bhliadhnaichean, is air sreath de gheamaichean mòra a chluich an aghaidh a chèile.

Ged a tha am Bail' Mòr air a bhith tòrr nas làidire san lìog - tha iad dìreach air a ghlèidheadh son a' cheathramh bliadhna ann an sreath - tha làmh an uachdair air a bhith aig na Deasaich ann an geamaichean chupa.

Chuir Caol Bhòid Am Bail' Ùr a-mach à Cupa na Camanachd san iar chuairt dheireannaich an-uiridh 2-1, is iad an uairsin a' glèidheadh 6-5 an aghaidh Inbhir Aora sa chuairt dheireannaich.

Rinn iad a' chùis air a' Bhail' Ùr ann an cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaidh ann an 2011 agus thàinig iad am bàrr a-rithist ann an cuairt dheireannach na bliadhna seo, 4-3.

Sradagach

'S e geama car sradagach a bha sin is tha coltas ann gu bheil e air làrach fhàgail air a' Bhail' Ùr.

"Tha mi a' smaointinn gur dòcha gu bheil na balaich den beachd gun deach ana-ceartas a dhèanamh an là ud is tha iad gu mòr 'son a chur ceart", thuirt manaidsear a' Bhail' Ùir, PJ Mac an Tòisich.

"Tha sinn air ionnsachadh bho na thachair is ged a chuir sinn dà thadhal nach do sheas - agus gun do chaill iad sinn cluicheadair - cha do chluich sinn dona.

"Cha bhi sinn ag atharrachadh cus idir, dìreach a' coimhead ri rud no dhà", thuirt e.

Sgrios

Nam measg, tha fios, bidh mar a chumas iad smachd air Ruairidh Dòmhnallach, am fear òg a rinn sgrios air loidhne-dìon a' Bhail' Ùir an là sin, is gu dearbh air Inbhir Aora sa chuairt dheireannaich an-uiridh.

Bidh Am Bail' Ùr ag ionndrainn Ruairidh Cheannadaich aig a' chùl ach tha iad air a' chuairt dheireannach a ruighinn gun tadhal a chall agus tha cothrom aca an sin air eachdraidh a dhèanamh - 's e An Fhùirneis ann an 1923 an sgioba mu dheireadh a bhuannaich an cupa gun tadhal idir a chall.

Do Chaol Bhòid bidh dùbhlan ann faighinn seachad air an sgioba as làidire gu fisiceach sa gheama san là an diugh, agus Danny MacRath is Glen is Friseal Mac an Tòisich a chumail sàmhach aig an aghaidh.

Tha iad gu mòr ag amas air a' Chupa a chumail ge-tà.

"Rinn sinn cho math aig ìre òigridh is gum bi daoine sa bhaile a' sùileachadh gun dèan sinn barrachd", thuirt an sgiobair, Robbie MacLeòid.

"Chan eil e gu leòr an seo Cupa na Camanachd a bhuannachadh dìreach aon turas - feumaidh sinn togail air a sin gus am bi daoine a' coimhead oirrn mar sgioba shoirbheachail", thuirt e.

Buaireadh

Chan eil bliadhna fhurasta air a bhith aig Comann na Camanachd le buaireadh far na pàirce mu atharrachadh air structar nam farpaisean.

An seo ge-tà tha an dà chluba as soirbheachail bho thuath is deas ann an eachdraidh na spòrs aca agus an dà sgioba as fheàrr san là an diugh.

Cha b'urrainn na b'fheàrr is ma chluicheas na sgiobaidhean mar as urrainn dhaibh cluich bu chòir gum bi geama air leth againn.

Tòisichidh an geama aig An Àird aig 2.15f Disathairne is thèid a chraoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal, am prògram a' tòiseachadh aig 2.00f.