Abhainn Nis
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu phròiseict na h-aibhne

12 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha luchd-gnìomhachais ann an Inbhir Nis ag iarraidh cur às do phròiseict a dh'fhàgadh ceann thall Abhainn Nis do luchd-coiseachd a-mhàin.

Caillear còrr 's 60 àite pàrcaidh air Sràid Hunndaidh fo na planaichean.

Tòisichidh an obair airson a' bhaile a dhìon bho thuiltean an ath-sheachdain agus tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun toir e togail do mheadhan a' bhaile.