Gearan mu sheirbheis aiseig

  • 12 An t-Sultain 2013
MV Clansman
B'fheàrr le daoine ann an Colla 's Tiriodh gum biodh an Clansman aca tron Gheamhradh seach an Hebridean Isles.

Tha daoine ann an Colla 's Tiriodh a' gearan mun t-seirbheis-aiseig aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn thar a' Gheamraidh.

A rèir nan eileanach bu chòir dhan t-seirbheis a bhith an ìre mhath an aon rud ris na th' aca tron t-Samhradh, is tha iad mì-thoilichte nach eil clàr-ama a' Gheamhraidh air an làraich-lìon aig Cal Mac fhathast.

Chan eil ach beagan a bharrachd air còig seachdainean mus tòisich seirbheisean-geamhraidh agus tha cuid mì-thoilichte nach urrainn dhaibh ticeadan a cheannach gus an tèid an clàr-ama fhoillseachadh.

Chan eil iad air an dòigh nas motha gum bi na Hebridean Isles a' dol air an t-slighe sa Gheamhradh an àite a' Chlansman.

"Fiadhaich math"

"An-uiridh bha sinn cleachdte ris a' Chlansman is cha do mhiss an Clansman mòran de laitheachan is thug i dhuinn seirbheis fiadhaich math air fad", thuirt Alasdair MacAonghais bhon Chomataidh Chòmhdhail ann an Tiriodh.

"Tha iad ag ràdh am bliadhna gur e an aon bhàta a tha air fhàgail 's e am Hebridean Isles. Bàta math gu leòr ann an Abhainn Chluaidh math dh'fhaoidte ach chan eil mi a' smaointinn gum bi i fiadhaich math a-mach anns a' Chuan Shiar an seo co-dhuibh", thuirt e.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gum feum iad beachdachadh air an lìonra de sheirbheisean air fad a th' aca nuair a tha iad a' cur bàtaichean air slighean rè-ùine tron Gheamhradh.

Thuirt iad gun tèid an càineadh as bith dè nì iad ach gu bheil iad a' dèanamh co-dhùnaidhean son maith na lìonra air fad.

Thuirt iad gu bheil iad a' bruidhinn ri coimhearsnachdan mu na planaichean a th' aca agus nach biodh e freagarrach an còrr a ràdh gus am bi an co-chomhairlicheadh aca seachad.