Fiosrachadh ga shireadh mu chorp

  • 11 An t-Sultain 2013

Tha na poilis air taic an t-sluaigh iarraidh is iad a' feuchainn ri ainm a chur ri duine a chaidh a lorg marbh faisg air Caol Àcainn.

Fhuaireadh an corp san uisge goirid às dèidh 0900 Diluain.

Thuirt na poilis nach eil iad den beachd aig an ìre seo gu bheil dad amharasach mun chùis, ach nach eil fios aca fhathast cò bh' anns an duine.

Thuirt iad gun robh e eadar 35 agus 45 bliadhna dh'aois, gun robh e còig troighean is naoi òirlich de dh'àird agus le gruag ghoirid dhonn.

Bha tatù de chrois agus den litir G air a ghàirdean.

Bha bann-dùirn Help For Heroes air, brògan Nike dubh agus bha baga droma Reebok dubh is dearg aige.

Bha uaireadair Sekonda air cuideachd.

Bu chòir do dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun chùis brath a chur gu Poilis na h-Alba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile