Aiseag bathair ùr dha na h-Eileanan

  • 11 An t-Sultain 2013
MV Clipper Ranger
Thèid an MV Clipper Ranger air an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Ulapul.

Dhearbh Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun tòisich bàta bathair ùr air an t-slighe eadar Ulapul is Steòrnabhagh air a' mhìos seo.

Thèid an MV Clipper Ranger an àite an MV Muirneag, a tha ga toirt a-mach à seirbheis.

Tha an Clipper Ranger nas motha na am Muirneag is bidh e comasadh dhi bathar a bharrachd a ghiùlan.

Thoisich obair air a' Chlipper Ranger mar thà gus an urrainn dhi ceangal aig Cidhe Ulapuil.

Deuchainnean

Tha dùil rithe ann an Ulapul 'son deuchainnean air an 19mh den mhìos agus gun tòisich i air an t-slighe air an 21mh.

'S ann leis a' chompanaidh Seatruck Ferries a tha an Clipper Ranger agus tha Cal Mac air cùmhnant bliadhna a thoirt dhaibh air an t-slighe, gus an tòisich am bàta ur an MV Loch Seaforth ann an 2014.

Bidh am bàta ùr a' giùlan luchd-siubhail agus bathar.

Thèid obraichean eile aig Cal Mac a thabhainn air a' chriubha de 25 a bha ag obair air a' Mhuirneag.