BnaG a' dìon poileasaidh na Gàidhlig

  • 11 An t-Sultain 2013
Iain Aonghas MacAoidh Image copyright Other
Image caption Thuirt Iain Aonghas MacAoidh gu bheilear ag amas mar thà air sgìrean far a bheil dualchas Gàidhlig, ach cuidechd air sgìrean eile far a bheil iarrtas.

Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig gu bheil tòrr de dh'airgead na Gàidhlig ga chosg ann an sgìrean far a bheil an cànan air a bhith làidir, ach gum feum iarrtasan a tha a' tighinn à sgìrean eile a bhith air an sàsachadh cuideachd.

Bha Iain Aonghas MacAoidh a' toirt a bheachd às dèidh dhan Bhall-Pàrlamaid Eòrpach, Seòras Lyon, slaic a thoirt air poileasaidh Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt Mgr Lyon gum bu chòir dhan Riaghaltas prìomhachas a chur air sgìrean far a bheil dualchas Gàidhlig ann agus iarrtas ann 'son a' chànain, seach a bhith ag amas air Gàidhlig a leasachadh air feadh na h-Alba.

"Tha sin a' tachairt mar thà, feumaidh mi a ràdh", thuirt Iain Aonghas MacAoidh.

"Nuair a sheallas sinn ris an airgead a thathas a' cosg, tha tòrr dheth a' dol dha na h-Eileanan Siar, chun na Gàidhealtachd agus a dh'Earra-Ghàidheal far a bheil daoine a' bruidhninn na Gàidhlig gu làitheil is gu nàdarrach.

"Ach tha ceist eile ag èirigh, 's e sin sluagh a' crìonadh cuideachd ann an cuid dha na sgirean aig tuath is mar sin air adhart, chan eil uidhir de chloinn ann.

"Glè inntinneach"

"Dh'ainmich Mgr Lyon rud a bha glè inntinneach, 's e fàs agus iarrtasan phàrantan.

"Tha sinn a' faicinn anns na bailtean mar Ghlaschu, Dùn Èideann, Condorrat is mar sin air adhart, tòrr iarrtas a' tighinn bho phàrantan airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Ged a tha e (Seòras Lyon) a' cur na coire air an Riaghaltas gu ìre, chan e an Riaghaltas a tha a' dèanamh an sgaoileadh sin, 's e na pàrantan fhèin a tha ga iarraidh.

"A' phuing as fheàrr a th'aige 's e gu bheil feum air tuilleadh airgid agus gum bu chòir dha airgead a tha a' tighinn às an Roinn Eòrpa a bhith a chur gu ruige na Gàidhlig.

"Nan tachradh sin, dhèanadh sin feum mòr", thuirt e.

Bhòtaidh Pàrlamaid na h-Eòrpa an diugh air athaisg a tha ag iarraidh taic is dìon a bharrachd do mhion-chànain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile