Strì nan cosgaisean lìbhrigaidh

  • 9 An t-Sultain 2013
Parsail
Image caption Tha sgrùdadh air sealltainn gu bheil cosgaisean lìbhrigaidh gu math nas àirde nan abhaist a' tighinn air daoine ann an sgìrean dùthchail.

Tha companaidhean air a' Ghàidhealtachd air taic a chur ri iomairt gus stad a chur air cosgaisean puist a bharrachd do dhaoine ann an sgìrean dùthchail na h-Alba.

Tha BP Siorrachd Obar Dheathain an Iar, Sir Raibeart Mac a' Ghobhainn, air bile a chur air adhart is thèid a dheasbad aig Westminster an t-seachdain seo.

Dh'fhoillsich Biùro Comhairlichidh a' Phobaill ann an Alba rannsachadh an-uiridh a bha a' cumail a-mach gu bheil daoine ann an cuid de sgìrean dùthchail na h-Alba a' cosg £18.60 a bharrachd sa chumantas 'son rudan a cheannaich iad air-loidhne a bhith air an toirt dha na dachaidhean aca.

Tha Àrd-Stiùiriche Seòmraichean Malairt Inbhir Nis, Stiùbhairt Nicol, ag ràdh gu bheil na cosgaisean air a dhol ro fhada is gu bheil iad a' cur maille air an eaconomaidh aig tuath.

"Tha cosgais mhòr a bharrachd a-nise a' dol air daoine a tha a' fuireach agus ag obair air a' Ghàidhealtachd.

"S e an rud as motha - agus tha e a' nochdadh anns a' bhile - gu bheil feum air soilleireachd. Can ma tha thu a' ceannach rudeigin air loidhne, nach tig cosgais a bharrachd ort gun fhiosda air a' cheann thall, cosgais tòrr mòr nas àirde air sgàth do chod-phùist", thuirt e.

Thèid bile Sir Raibeart Mhic a' Ghobhainn a dheasbad ann an Taigh nan Cumantan Dihaoine.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile