20 bliadhna bho rugadh Caley Thistle

Cuideachadh

Tha fichead bliadhna ann bho dhà bhòt ann an Inbhir Nis a thug clubaichean ball-coise Caledonian is Thistle còmhla.

Chruinnich buill bho gach chluba air an 9mh den t-Sultuin 1993 - aig coinneamhan fa leth sa bhaile - 'son bhòtadh am bu chòir dhaibh tighinn còmhla mar chluba ùr a shireadh àite ann an Lìog na h-Alba.

Air a' cheann thall bhòt an dà thaobh' son nam planaichean, buill Thistle 33-12 is buill Chaley 55-50.

Cha do stad a' chonnspaid aig a sin - no fiùs nuair a chluich sgioba ùr Caledonian Thistle a' chiad gheama aca ann an 1994 - is tha cuid ann fhathast a tha searbh mu na thachair.

20 bliadhna bho na bhòtaichean ge-tà tha Caley Thistle aig mullach Priòmh Lìog na h-Alba.

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.