Ceannard ùr HIE sna h-Eileanan an Iar

  • 6 An t-Sultain 2013
Raghnaid NicCoinnich
Image caption Bidh Raonaid NicCoinnich a' stiùireadh sgioba Innse Gall de HIE.

Thuirt ceannard sgìreil Iomairt na Gàidhealtachd snan Eilean sna h-Eileanan an Iar gur e fear de na prìomh amasan aice ceangalan nas dlùithe a bhrosnachadh le daoine aig cridhe ghnothachasan agus choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd.

Thòisich Raonaid NicCoinnich san obair os cionn sgioba HIE Innse Gall an t-seachdain seo.

Tha i a' gabhail àite Eairdsidh Dhòmhnallaich, a tha a-nis ann an obair eile aig HIE a' co-òrdanachadh phròiseictean-coimhearsnachd buinn-leathainn air feadh na sgìre.

Thuirt a' Bh.Ph. NicCoinnich gu bheil i an toiseach an dùil a dhol a-mach a choinneachadh dhaoine sna buidhnean a tha ag obair còmhla riutha agus gu bheil i airson dèanamh cinnteach gu bheil sgioba Innse Gall faisg air an fheadhainn a tha a' dèanamh feum de dh'HIE.

"Feumaidh tuigse a bhith againn air amasan an luchd-cleachdaidh againn agus feumaidh fios a bhith againn air na dòighean as fheàrr taic a chumail riutha," thuirt a' Bh.Ph. NicCoinnich.

'S e tè-chunntais a tha anns a' Bh.Ph. NicCoinnich, agus tha i air a bhith ag obair còmhla ri Mann Judd Gordon, stèidhichte ann an Steòrnabhagh, agus bha i na stiùiriche ionmhais aig AMK Plant and Tipper Hire Eta, stèidhichte ann an Calanais.

Thogadh a' Bh.Ph. NicCoinnich ann an Leòdhas.

Tha i fhèin 's a teaghlach a' fuireach ann an Calanais.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile