Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cha chuir Tesco ri cosgais rathaid

6 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cha chuir a' chompanaidh Tesco sgillinn ruadh ris a' phlana airson ceangal-rathad an iar air baile Inbhir Nis.

Sin a dh'aindeoin 's gun robh aonta eadar iad fhèin, agus Comhairle na Gàidhealtachd roimhe.

Fon aonta, bha aig a' Chomhairle ri crìoch a chur air a rathad ro 2012, 's leis nach do thachair sin chan fhaigh iad dad bho Thesco.

Thàinig seo agus comhairlichean a' cur an taic ris an ath-ìre den phlana, mar a tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.