Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sochairean

Tha Oifis Nàiseanta an Sgrùdaidh a' càineadh an Riaghaltais mun dòigh sa bheil iad ag atharrachadh siostam nan sochairean sòisealta. Tha an oifis ag ràdh gu bheil droch stiùireadh air a' phròiseact fon tèid sia sochairean a chur còmhla mar aon phàigheadh gach mìos fo shiostam ùr a' Chreideis Choitchainn, Universal Credit. Tha na Làbaraich ag ràdh nach eil iad a' cur earbsa sam bith ann an Rùnaire na h-Obrach agus nam Peinnsean, Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn, a thuirt an diugh gun deach na trioblaidean a chur ceart.

Tubaist

Thuirt poilis ann an Kent gun robh còrr is ceud carbad glaicte ann an tubaist air Drochaid Ùr Sheppey. Thuirt na seirbheisean èiginn gun deach mu 200 duine a goirteachadh, sianar dhiubh gu dona. Thachair an tubaist ann an ceò air an drochaid mu 7:00m.

Cumhachd

Tha rannsachadh dhan BhBC ag ràdh gu bheil cha mhòr 70% den t-sluagh den bheachd gum bu chòir companaidhean cumhachd a chur fo smachd na stàite. Thuirt aon duine anns gach ceathrar gu bheil na dachannan aca fuar leis gu bheil iad a' strì ri cosgais a' chonnaidh. Thuirt Rùnaire Cumhachd nan Làbarach, Caroline Flint, gum feum atharrachadh a thoirt air dòighean obrach agus margaidh a' ghnìomhachais.

Walker

Thèid innse do Phàrlamaid na h-Alba an diugh mu phlana airson a thurasdal a thoirt bhon bhall-pàrlamaid Bill Walker, a chaidh a dhìteadh fo chion ghoirid airson ionnsaighean air boireannaich. Tha Mgr Walker, ball Dhùn Pharlain, a' diùltadh a dhreuchd fhàgail.

ADS

Tha Comhairle nan Eilean Siar am beachd a' coimhead air seirbheisean adhair, a chaidh an gearradh na bu traithe am bliadhna, a stèidheachadh às ùr eadar Barraigh, Beinn nam Fadhla 's Steòrnabhagh. Bidh Comataidh Poileasaidh agus Stòras na Comhairle a' coimhead an ath-sheachdain an gabhadh sgeama faraidhean saora a chur an sàs.

Rathad

Thèid iarraidh air buill Comhairle na Gàidhealtachd taic a chur an diugh ris na planaichean airson seach rathad an iar Inbhir Nis. Thèid iarraidh orra cuideachd cead a chur ris na h-òrdain airson fearann air an tèid an rathad ùr a cheannach. Agus thèid innse dhan chomhairle gu bheil cosgais an sgeama air èirigh bho £27m gu £34m. Tha dòchas ann gun tòisich an obair ann an 2015.