Leudachadh air sgeama nan gèadh

  • 5 An t-Sultain 2013
Geòidh
Image caption Tha mòran air gearain gu bheil na geòidh a' dèanamh sgrios air croitearachd.

Thèid sgeama a tha ag amas air smachd a chur air geòidh ghlasa a leudachadh gu Leòdhas 's na Hearadh.

Chaidh cead a thoirt bho chionn ghoirid 'son sgeama pìleat trì bliadhna ann an Uibhist, is tha e air tighinn am bàrr a-nise gum bi na h-eileanan mu thuath nam pàirt dheth cuideachd.

Tha mòran air gearain gu bheil na geòidh a' dèanamh sgrios air croitearachd.

Thathas a' tomhas gu bheil mu 10,000 gèadh ann an Uibhist is tha iad air a dhol am meud ann an Leòdhas agus na Hearadh cuideachd.

Fon phròiseict ùr gheibh croitearan is tuathanaich stiùireadh air cia mheud de na gèoidh a bu chòir dhaibh a mharbhadh tron t-seusan gus na h-àireamhan a thoirt fo smachd.

Bidh cead ann cuideachd feòil nan gèadh a reic gu coimearsalta.

Chaidh comataidh a stèidheachadh mar thà 'son spadadh nan gèadh a stiùireadh ann an Uibhist, is thèid an aon seòrsa buidhne a chur air dòigh cuideachd ann an Leòdhas is na Hearadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo