"Roghnaich Beatha" anns na h-Eileanan Siar

  • 4 An t-Sultain 2013

Tòisichidh iomairt shònraichte anns na h-Eileanan Siar an t-seachdainn-sa tighinn a tha ag amas air taic a thoirt do dhaoine a dh'fhaodadh a bhith ann an cunnart làmh a chuir nam beatha fhèin.

Chuir triùir dhaoine làmh nam beatha fhèin anns na h-Eileanan Siar an uiridh.

'S e an teachdaireachd aca, faighnich do dhaoine ma tha dragh oirbh mun deidhinn.

Thuirt Co-òrdanaiche "Roghnaich Beatha" nan Eilean Siar, Elaine NicAoidh, ma mhothaicheas daoine dha atharrachaidhean san dòigh anns am bi daoine faisg orra gan giùlain fhèin gum bu chòir bruidhinn riutha mu mar a tha iad a' faireachdainn.

"Mura h-eil iad a' beachdachadh air làmh a chuir nam beatha fhèin, cha chuir e an smuain nan inntinn", thuirt i.

Ma phàirt dhen iomairt, a bhios a' ruith bhon 9mh là chun 15mh là dhen t-Sultainn, thèid postairean a chuir an àirde agus bileagan fiosrachaidh a sgaoileadh ag innse do dhaoine a tha a' faireachdainn ìosal nan inntinn mun taic a th' ann dhaibh.

Tha lùghdachadh 18% air tighinn air an àireamh dhaoine air feadh Alba a chuir làmh nam beatha fhèin bho thòisich iomairt "Roghnaich Beatha" ann an 2002.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile