Dragh mu "ionnsaigh" air soidhne rathaid

  • 4 An t-Sultain 2013
Inbhir Uige Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha soidhnichean Gàidhlig air connspaid adhbharachadh ann an Gallaibh

Tha fear de chomhairlichean sgìre Ghallaibh ag iarraidh air na polais làn sgrùdaidh a dhèanamh às dèidh mar a chaidh peilearan a chuir tro shoidhne ùr da-chànanach.

Chaidh an soidhne ùr a chuir an àirde air an A99 aig pàirce ghnìomhachais Inbhir Uige Diardaoin sa chaidh.

Chaidh mothachadh an ath là gu robh tuill ann, 's coltas ann gun deach losgadh air le gunna-aeir.

Tha an Comh. Ailig MacLeòid ag ràdh gur e ionnsaigh "dhuilich agus gun chiall" a bha seo.

Connspaid

'S e poileasaidh Chomhairle na Gàidhealtachd soidhnichean dà-chànanach a chuir an sàs ann an àiteachan far a bheil feadhainn ùr a dhìth.

Tha seo air cais a chuir air cuid ann an Gallaibh 's iad a' cumail a-mach nach buin an cànan dhan sgìre idir.

Tha an Comh. MacLeòid a' dèanamh dheth gur e nàimhdeas dhan Ghàidhlig a bh' air cùl na h-ionnsaigh seo.

Thuirt e gu bheil a' mhòr-chuid de dhaoine ann an Gallaibh a' cur taic ris a' Ghàidhlig, agus ag aithneachadh gu bheil i na pàirt de dh'fharsaingeachd cultarach na sgìre.

'S e àireamh bheag de dhaoine, thuirt e, a tha a' piobrachadh gràin an aghaidh a' chànain.

Cosgais

Thuirt fear eile de chomhairlichean Ghallaibh, Willie MacAoidh, gur ann a chuireas an ionnsaigh tuilleadh chosgais air a' Chomhairle leis gum bi aca a-nis ri soidhne ùr a chuir an àite an fhir a chaidh a mhilleadh.