Drochaid ùr air an A82

  • 4 An t-Sultain 2013
Allt Chonoglais Image copyright Other
Image caption An drochaid ùr aig Allt Chonoglais, deas air Drochaid Urchaidh.

Chaidh crìoch a chur air drochaid ùr air an A82 mar phàirt de leasachadh luach £24m a tha a' dol air an rathad.

Fhuair rannsachadh roimhe gun robh 11 drochaidean air an rathad a bha feumach air obair leasachaidh.

Chaidh trì drochaidean ùr a thogail mar-thà is chosg an drochaid ùr aig Allt Chonoglais deas air Drochaid Urchaidh £1.8m.

Bha Ministear na Còmhdhail, Cè Brown, an làthair Diciadain nuair a chaidh drochaid eadar-amail a bhathar a' cleachdadh anns na mìosan a chaidh a thoirt air falbh.

Tha gearainean air nochdadh tric mun A82 agus tha iomairt a' dol gus leasachadh mòr a dhèanamh air an rathad.

Thuirt Mgr Brown gu bheil an obair a tha a' dol air adhart a' sealltainn gu bheil an Riaghaltas ag aithneachadh cho cudromach 's a tha an rathad dhan sgìre.

Thuirt e gu bheil obair a' tighinn air adhart gus an rathad a dhèanamh nas leathainn aig Clach nan Tarbh, is dh'innis e gun tòisich obair air a' mhìos seo air seach-rathad timcheall air a' Chrìon Làraich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile