Co-labhairt mhòr ghnìomhachais ann an Inbhir Nis

  • 4 An t-Sultain 2013

Tha a' bhuidheann-turasachd VisitScotland an dùil gun tig buannachd £122,000 do dh'eaconomaidh Inbhir Nis bho cho-labhairt de lannsairean maise a tha ga cumail anns a' bhaile an t-seachdainn-sa.

Bidh lannsairean a' siubhail a dh'Inbhir Nis bho cho fad air falbh ri Astràilia, New Zealand agus Na h-Innseachan.

'S ann ann an talla Eden Court a chumas Institiùd nam Prosthetists Maxillofacial & Technologists (an IMPT) a' cho-labhairt bhliadhnail aca.

Chan eil seo ach an treas turas ann an 30 bliadhna a tha a' bhuidheann air tighinn a dh'Alba, agus a' chiad uair a thàinig iad a dh'Inbhir Nis.

Bidh a' cho-labhairt aca a' ruith bho Dhiciadainn gu Dihaoine.

Thèid cuirm a chumail dhan na lannsairean le comhairlichean Inbhir Nis.