Bidh là mor iomain nam ban ann Disathairne sa Bhail' Ùr

  • 4 An t-Sultain 2013

Bidh là mòr ann do dh'iomain nam ban Disathairne ann am Bail' Ùr an t-Slèibh.

Tha trì cuairtean deireannach gu bhith ann - nam measg Cuairt Dheireannach Cuach Valerie Fhriseil (Cupa Camanachd nam Ban).

Tòisichidh an là le Cuairt Dheireannach Cupa Dùbhlann Marine Harvest. Bidh sgioba Ghlaschu an aghaidh Shrath Ghlais sa gheam aig meadhan-là.

Bidh Srath Ghlais an dòchas gun tèid nas fheàrr dhaibh am bliadhna na chaidh an-uiridh, nuair a chaill iad anns a' chuairt dheireannach den dearbh fharpais ann an Srath Churra.

An dèidh dhan gheam sin tighinn gu crìoch, bidh prìomh sgioba Ghlaschu a' cluich sgioba Bhàideanach & Srath Spè ann am farpais Valerie Fhriseil.

Tha Glaschu a' tighinn chun a' gheam an dèidh dhaibh buannachadh le barrachd na deich tadhal anns an dàchuairt mu dheireadh. 'S iad cuideachd a bhuannaich tiotal na h-Alba agus tha caiptean sgioba na h-Alba, Katie Drain, a' cluich dhaibh.

Bidh Bàideanach & Srath Spè cuideachd misneachdail, fhuair Sine Nicol ceithir taghail san iar chuairt dheireannaich den fharpais an aghaidh Loch Abair.

Thig an là gu crìoch le farpais chloinne a tha a' tòiseachadh aig ceithir uairean feasgar.