Molaidhean ùra Aiseig a' Chorrain

Aiseag a' Chorrain Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd còrr is 80 freagairt ann an co-chomhairlicheadh a rinn iad mu faraidhean an aiseig.

Cuiridh Comhairle na Gàidhealtachd na molaidhean as ùire aca 'son faraidhean air Aiseag a' Chorrain fa chomhair an t-sluaigh ann an Sròn an t-Sìthein air an 9mh den mhìos.

Dh'innis a' Chomhairle roimhe gun robh iad am beachd siostam ùr a chur an sàs a chuireadh àrdachadh air cuid de na faraidhean, is iad ag ràdh gu bheil cosgaisean a bharrachd a' tighinn orra gus an t-seirbheis a ruith.

Fon t-siostam a chuir iad air adhart ge-tà, bhiodh lasachadh ann do dhaoine a tha a' cleachdadh na seirbheis gu tric.

Dh'fhaodadh daoine siubhail cho tric 's a thogradh iad le a bhith a' ceannach cairt 'son £40 gach mìos tro direct debit.

Connspaideach

'S ann connspaideach a bha na molaidean ge-tà, is fhuair a' Chomhairle còrr is 80 freagairt ann an co-chomhairleachadh a rinn iad anns an t-Samhradh.

Bha iomagain air cuid san sgìre gun tigeadh àrdachadh mòr ann am faraidhean do dh'fheadhainn nach eil a' cleachdadh na seirbheis cho tric, leithid seann daoine gu sònraichte.

Nochd dragh cuideachd nach tigeadh uidhir de luchd-turais dhan àite nam biodh faraidhean nas àirde ann.

Chuir feadhainn beachd air adhart nach ann air muinntir an àite idir, ach air a' Chomhairle fhèin a bu chòir cosgaisean a dhol 'son an t-seirbheis a ruith.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh na freagairtean a fhuair iad glè chuideachail is gu bheil iad air beachdachadh orra.

Molaidhean ùra

Dh'innis iad gun cuir iad na molaidean ùra aca 'son structair nam faraidhean mu choinneimh an t-sluaigh aig coinneimh san sgìre.

Thuirt iad gu bheil iad an dòchas gum bi na molaidhean a' freagairt air na draghan a nochd sa cho-chomhairleachadh - agus gun cruthaich iad airgead gu leòr gus an t-seirbheis a ruith.

Bidh a' choinneamh ann an Àrainn Shuaineirt ann an Àrd-sgoil Àird nam Murchan aig 6:30f, Diluain an 9mh den t-Sultain.

Thèid na molaidhean an uair sin mu choinneimh Comataidh Sheirbheisean TEC na Comhairle air an 19mh den mhìos.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.