Pàirc na h-Àirde "sònraichte"

  • 3 An t-Sultain 2013
Cupa na Camanachd
Tha buidheann-riaghlaidh na h-iomain ag ràdh gum i Pàirc na h-Àirde deiseil 'son là mòr na camanachd.

Thuirt Comann na Camanachd gum bi Pàirc na h-Àirde sa Ghearasdan deiseil 'son na cuairte deireannaich de Chupa na Camanachd.

Thèid Caol Bhòid an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh aig An Àird air an 14mh den mhìos.

Bha cuid air ceist a thogail mun phàirc is trioblaidean drèanaidh air a bhith ann roimhe, is chaidh obair mhòr a dhèanamh oirre an-uiridh.

Nochd draghan ùra ge-tà aig toiseach na Lùnastail às dèidh a' gheama eadar Caol Bhòid is Ceann a' Ghiuthsaich san iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

A' ceasnachadh

Bha a' phàirc trom an là sin is cuid a' ceasnachadh an robh i math gu leòr 'son geama aig an ìre sin.

Às dèidh làimh chaidh a' phàirc a dhùnadh 'son sia seachdainean is chaidh feur ùr a chur sìos aig na tadhail agus ann am meadhan na pàirce.

A-nise tha Comann na Camanachd ag ràdh gu bheil a' phàirc ann an staid "shònraichte".

"Tha Pàirce na h-Àirde air a bhith cudromach ann an iomain fad bhliadhnaichean agus tha i a-nise cho math sa bha i a-riamh", thuirt Ridseard Gall bho Chomann na Camanachd.

Ceist

Bidh dragh air cuid ge-tà gun robh fiùs ceist ann mun phàirc nas lugha na cola-deug mus bi an geama ann.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum iad dèanamh cinnteach dìreach gu bheil fhios aig daoine dè tha a' tachairt agus nach eil teagamh ann a-nise mun phàirce", thuirt eòlaiche na h-iomain, Uisdean MacIllinneinn.

"Tha iad son dèanamh cinnteach nach bi teagamh sam bith aig duine sam bith - mar eisimpleir aig saoghal an telebhisein - gu bheil an geama a' dol air adhart", thuirt e.

Bidh an comann a-nise an dòchas nach bidh cus uisge ann an Loch Abar eadar seo agus a' chuairt dheireannach.