Comhairle ag iarraidh faochadh bho chìs

Seòmar-cadail Tha a' Chomhairle airson nach toir a' chìs buaidh air a' Ghàidhealtachd.

Tha ceannardan Chomhairle na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh gu Buill-Phàrlamaid na sgìre ann an Westminster ag iarraidh faochadh anns na sgìrean dùthchail bho "chìs nan seòmraichean-cadail".

Thuirt a' Chomhairle gu bheil iad dòchasach an dèidh sgrùdaidh bho chomataidh ann an Westminster a thuirt nach bu chòir a' chìs a chur an sàs ann an sgìrean le sluagh nas lugha na 3,000.

"Tha tòrr dhuilgheadasan air a bhith againn mar chomhairle," thuirt an Comh. Alasdair MacFhionghuin.

"Tha e gu tur eadar-dhealaichte bho àiteachan eile. Tha àiteachan iomallach againne, far a bheil daoine a' fuireach ann am bailtean beaga.

"Tha tòrr dhaoine a' fuireach ann an taighean comhairle, 's tha iad air duilgheadasan fhaighinn airson airgid.

"Chan eil Comhairle na Gàidhealtachd ag aontachadh ris a' chìs seo, agus tha sinn ag iarraidh faochaidh.

"Air Ghàidhealtachd, tha tòrr dhaoine ciorramach a' fuireach ann an taighean-comhairle agus 's dòcha gu bheil seòmar-cadail a bharrachd aca nach eil iad ag usadh.

"Ach nuair a tha feadhainn a' tighinn a-steach a choimhead às an dèidh. Agus tha uidheamachd aca anns na seòmraichean a tha sin cuideachd.

"Cha bhiodh e sàbhailte nam biodh iad ann an taigh nach robh seòmraichean mar seo ann.

"Chan eil e cho dona ann am bailtean mar a tha Inbhir Nis, 's Inbhir Pheofharain, 's Port Rìgh, 's an Gearasdan, bailtean mar sin.

"Ach tha bailtean beaga a tha iomallach air Ghàidhealtachd, agus chan eil taighean ann airson mar a chanas iad "downsizing" a dhèanamh," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.