Fear fo chasaid mu Chille Chuimein

Abaid Chille Chuimein Dhùin an sgoil ann an 1993.

Chaidh casaid a chur air fireannach bho thaobh Sear na Gàidhealtachd ann an co-cheangail le aithrisean mu dhrabastachd agus droch dhìol aig Sgoil Abaid Chille Chuimein.

Thainig na casaidean am barr ann am prògram a' BhBC far an tuirt còignear a bha nan sgoilearan ann gun tug manaich ionnsaighean dhrabasta orra eadar 1953 agus 1974 aig Cille Chuimein agus sgoil-deasachaidh Carlekemp a bha a' cur sgoilearan ann.

Bhon uair sin, tha còrr air 50 duine eile air tighinn chun a' BhBC a ràdh gun deach ionnsaigh a thoirt orrasan.

Air a' mhìos a chaidh thuirt Poilis na h-Alba gun tàinig 20 duine thuca ag ràdh gun do fhulaing iad droch dhìol.

Tha iad ag obrachadh le feachdan eile anns an Rìoghachd Aonaichte agus thall-tharais.

B' ann às Astràilia a bha triùir de na manaich air an deach casaidean a chur ann an rannsachadh a' BhBC.

Thill iad ann nuair a dhùin Abaid Cille Chumein ann an 1993.

Tha an duine air an deach casaid a chur leis na poilis, 80, agus à toabh sear na Gàidhealtachd.

Chaidh aithisg bho Phoilis na h-Alba gu Oifis a' Chrùin agus Neach-Casaid a' Chrùin, agus tha dùil ris an duine sa Chùirt.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.