Cùmhnant Chidhe Àird Mhèanais ga thoirt seachad

  • 2 An t-Sultain 2013

'S ann gu companaidh ionadail a chaidh an cùmhnant airson cidhe ùr a thogail aig Àird Mhèanais ann am Barraigh.

Tha luach £1.5m anns a' chùmhnant a fhuair a' chompanaidh MacInnes Brothers.

Tha iomairt air a bhith a' dol fad grunn bhliadhnaichean airson cidhe ùr, às dèidh a' mhillidh a rinn an stoirm mhòr ann an 2005 air an t-seann chidhe.

Bidh àite aig a' chidhe ùr airson suas ri seachd soithichean, còrr is 10m a dh'fhaid, agus bidh tuilleadh fasgaidh ann cuideachd do bhàtaichean iasgaich an eilein.

Thuirt Cathraiche Chomataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Eardsaidh Caimbeul, gum bi an cidhe ùr na chuidheachadh mhòr do ghnìomhachas an iasgaich ann am Barraigh, agus gun cum e daoine ann an cosnadh.

Thig a' chuid as motha dhen mhaoineachadh airson a' phròiseict bho Phrògram Calpa na Comharle, le £283,000 eile a' tighinn bho stòras do choimhearsnachdan an cois a' chladaich agus £125,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha dùil gun tòisich obair air a' chidhe ùr air a' mhìos seo fhèin agus gum bi i deiseil san Lùnasdal ann an 2014.