Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Cuiridh an Taigh Geal ìmpidh air Còmhdhail nan Stàitean Aonaichte aontachadh ri iomairt armaichte an aghaidh Riaghaltas Shiria. Tha an Ceann-suidhe Obama ag ràdh gum feum fianais a bhith ann gun do chleachd feachdan a' Chinn-suidhe Assad an stuth ceimiceach sarin an aghaidh shìobhailteach ach gu bheil an fhianais sin ann. Thèid iarraidh air buill bhòtadh air a' chùis an ath-sheachdainn.

Aig a' cheart àm an seo thuirt an Leas-Phrìomhaire Nick Clegg nach tèid iarraidh air buill ann an Taigh nan Cumantan bhòtadh a-rithist air ionnsaigh armaichte ann an Siria. Thuirt mear Lunnainn, Boris Johnson, gum bu chòir beachdachadh às ùr air seasamh Bhreatainn an aghaidh Riaghaltas Shiria agus fianais a bharrachd ann gur iad feachdan a' Chinn-suidhe a bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh ceimicich.

Seach-rathad Inbhir Nis

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach cosg ceangal rathad an iar ann an Inbhir Nis £43m. Diardaoin, thèid aithisg air beulaibh chomhairlichean a tha a' sealltainn gu bheil àrdachadh air tighinn air prìs a' phròiseict ach tha an t-ùghdarras ionadail a' cumail a-mach gu robh dùil ris an sin. Tha oifigich ag ràdh gur dòcha gun cosg am pròiseact £16m a bharrachd ri linn obair air rathaidean agus goireasan spòrs. Thuirt Seonaidh West bho urras catharra a' bhaile gu bheil dragh air gun cum na cosgaisean ag èirigh.

Bill Walker

Thuirt Ceannard nan Lib Deamach ann an Alba, Willie Rennie, gum bu chòir am ball-pàrlamaid Albannach Bill Walker a dhreuchd fhàgail anns a' bhad. Chaidh fhaighinn ciontach air casaidean dochann san dachaigh an aghaidh triùir a bha pòsda aige, agus nigheann tè dhiubh. Tha buill-pàrlamaid a' tillleadh an-diugh bho fhosadh an t-samhraidh.

Peru

Tha athair Melissa Reid a tha fo amharas gu robh i ri cùiltearachd dhrugaichean ann am Peru air agallamh a dhèanamh air an telebhisean. Thuirt Uilleam Reid gu robh e a' creidsinn gun deach iarraidh oirre na drugaichean a ghiùlain ach gu bheil e ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu na thachair ro làimh ann an Ibiza.

Banachdach

Gheibh a h-uile duine ann an Alba nas sine na trì fichead bliadhna 's a deich an cothrom banachdach fhaighinn airson an dìon bhon ghalar dheiliginnich. Tha dòchas gun cur am prògram stad air mòran dhaoine bho bhith a' faighinn a' ghalair agus gun lùghdaich e an àireamh dhaoine a tha a' dol dhan ospadal.