Cosgaisean ceangal-rathad Inbhir Nis

Ìomhaigh dhen rathad ùr Bha iomairt làidir ann an aghaidh na slighe a thagh a' Chomhairle

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dol às àicheadh gu bheil cosgais ceangal-rathad ùr Inbhir Nis a-nis gu bhith tòrr nas motha na bha iad a' sùileachadh.

'S e £27m a' phrìs a chaidh a chuir mu choinneamh na h-obrach an toiseach, ach seallaidh aithisg a thèid air beulaibh chomhairlichean Diardaoin, gum faodadh cosgaisean eile sin a chuir an àirde gu suas ri £43.5m.

'S e atharrachaidhean ri structair an rathaid, an atmhorachd agus cuideachd mar a thèid goireasan spòrs ùr a chuir an àite feadhainn a thèid a chall air sgath na slighe a ghabhas an rathad ùr a th' air cùl an àrdachaidh.

Tha Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Drew Hendry, ag ràdh ge-tà gu robh fios aca gun tigeadh àrdachadh air cosgaisean an rathaid ri linn atharrachaidhean a dh'fheumadh iad a dhèanamh, agus nach bu chòir na chosgas na goireasan spòrs ùr a bhith air a chuir an lùib prìs an t-seach-rathad fhèin.

Connspaid

Bha iomairt làidir ann an aghaidh na slighe a thagh a' Chomhairle airson an rathaid ùir 's luchd-iomairt a' gearain gun deadh pàirt de dh'àrainneachd phrìseal a' bhaile a chall.

Thuirt fear dhen luchd-iomairt, Iain West, gu bheil dragh air-san gun èirich cosgaisean a' phròiseict tuilleadh fhathast.

Thèid iarraidh air comhairlichean Diardaoin taic a chuir ri planaichean an rathaid ùir, agus cead a thoirt dhan Chomhairle toiseachadh a' ceannach an fhearainn tron tèid e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.