Geamhradh an Gleann Lìobhainn

31 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Leabhar ùr de dhealbhan dubh is geal a' taisbeanadh beatha agus bòidhchead Ghlinn Lìobhainn ann an Siorrachd Pheairt sa Gheamhradh.
Mel, Baile Mhuilinn Eònain
Faodaidh an Geamhradh a bhith cruaidh sna glinn, ach tha leabhar ùr dhealbhan a' taisbeanadh bòidhchead na ràithe sin ann an Gleann Lìobhainn.
Alfie agus Tom
Chaidh "Geamhradh an Gleann Lìobhainn" a chur ri chèile gu faiceallach thar an deich bliadhna a dh'fhalbh, leis an fhear-thogail-dealbh Jamie Grannd, a tha a' fuireach sa ghleann.
Sylvia agus eich, Migearnaidh
Chleachd e seann chamara Leica M6 airson na dealbhan a thogail, ag obair a-mhàin ann an dubh is geal, agus a' falbh a-mach anns a h-uile aimsir.
Cathadh sneachda, Uisge Lìobhainn
B'e na bha fa-near dha, chan e a-mhàin bòidhchead na sgìre, ach cuideachd beatha nan daoine a tha a' fuireach agus ag obair sa ghleann a ghlacadh.
Donnaidh, Caislidh
Tha torraidhean na h-oidhirp aige a-nis rim faicinn aig bùth-leabhar is gailearaidh an Watermill ann an Obar Pheallaidh, a tha cuideachd air an leabhar fhoillseachadh.
Carabhan aig Bill
Ach, ri linn duilgheadasan le bhith a' cruthachadh faireachdainn agus dubhradh nan dealbhan gu ceart air pàipear, b'fheudar an leabhar a chlò-bhualadh le eòlaichean sònraichte san Spàinn.
Bad Giuthais, Migearnaidh
B'fheudar an leabhar a thoirt a dh'Obar Pheallaidh le bàt-aiseig agus làraidh às an Spàinn, 's e a' ruighinn dìreach ann an àm airson an taisbeanaidh oidhche Haoine. a
Rathad a' Ghlinne
Thuirt Jamie gun robh na dealbhan aige mar dhòigh air mar a tha e a' faireachdainn mun ghleann a chur an cèill, rud nach b'urrainn dha a dhèanamh le facail.
Seumas air mullach a' Mheall Ghairbh, Beinn Labhair
Bidh an taisbeanadh a' ruith chun an 3mh là den Dàmhair.