Poilis Astràilia a' sireadh fiosrachaidh

  • 30 An Lùnasdal 2013
Coltas an duine Image copyright Other
Image caption Chruthaich Poilis Victoria ìomhaigh de choltas an duine mar a bhiodh e ann an 1966.

Tha na Poilis ann am Melbourne ann an Astràilia a' sireadh fiosrachaidh bho dhaoine sna h-Eileanan Siar, feuch an gabh ainm cur air corp a chaidh a lorg ann o chionn 46 bliadhna.

Tha luchd-rannsachaidh air fiosrachadh fhaighinn o chionn ghoirid a tha a' toirt orra smaoineachadh gur ann às na h-Eileanan a dh'fhalbh an duine a dh'Astràilia uaireigin eadar 1945 agus 1966.

Chaidh a chorp a lorg san t-Sultain 1966, ann an Abhainn Yarra ann am Melbourne.

Bha briogais ghlas air, brògan dubha agus còta mhòr.

Fhuair iad bileag na phocaid a bh' air tighinn bho bhùth ghlanaidh-thioraim, air an robh an t-ainm MacDhòmhnaill.

Thathas a' tuigsinn gun robh an duine air a bhith san uisge eadar dà là agus ceithir làithean.

Cha robh lotan sam bith air a chorp, no coltas gun deach a dhochann.

Tha an luchd-rannsachaidh air iomadh oidhirp a dhèanamh feuch ainm a chur air an duine.

Thathas ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh bruidhinn ri Crimestoppers.