A' cruachadh ealain

Cruach Mhònach Tha cuid den bheachd gur e obair-ealain a th' ann an togail cruaiche.

Chì daoine a thèid a-steach gu gailleiridh an Lanntair ann an Steòrnabhagh air deireadh na seachdain seo rud gu math annasach.

'S e "A' Moladh na Mònadh" ainm an taisbeanaidh ùir, agus na theis meadhan bidh cruach mhònach.

'S e Alasdair MacLeòid bhon Chnoc anns an Rubha a thog a' chruach. Carson ge-tà?

"Amaideas. Dh'iarr Ruairidh orm cruach a thogail anns an Lanntair, agus tha mòine gu leòr agam. Sin an aon rud a th' agam," thuirt e.

Tioram

"Seo a' mhòine a bh' agam a-muigh, na cruaich air a' mhòintich an-uiridh.

"Thàinig i dhachaigh an uair sin 's rinn mi cruach eile aig an taigh, agus seo a-nise an trìtheamh triop a tha mi air cruach a dhèanamh dhith - 's bidh aon triop eile ann fhathast.

"Tha mise a' dèanamh seo a h-uile bliadhna, agus chan eil mòran dhaoine a tha a' dèanamh sin.

"Ach tha mi a' cumail a' dol co-dhiù, a' gearradh dhà no thrì lòd a h-uile bliadhna agus a' dèanamh cruaiche.

"'S e an adhbhar a tha thu a' dèanamh cruaiche, 's e airson a' mhòine a chumail tioram tron Gheamhradh.

"Chan eil càil cho duilich ri teine a dhèanamh le mòine fhliuch.

Start Quote

Anns an là an-diugh chan ann tric a gheibh thu daoine a ghearras fàdan ceart dhut ann”

End Quote Alasdair MacLeòid Fear-togail na cruaiche

"Tha thu ag iarraidh a' mhòine a tha a-staigh sa chruaich a bhith tioram fad na tìde, agus gun ruith am bùrn dhith.

"Feumas i a bhith àrd cuideachd, 's dòcha, tha a' mhòine a' tighinn dhachaigh amh, agus tha thu ag iarraidh a' ghaoth a bhith a' dol tromhpa, tron chruaich gus an tioraimich a h-uile càil.

"An rud as miosa a th' ann, nuair a thuiteas i ort. Tha tòrr obrach ann an uair sin, 's tha mess tough ann às dèidh làimhe.

"'S i a' mhòine as fheàrr airson losgadh, 's e a' mhòine dhubh. Ach cha dèan thu cruach dhith sin co-dhiù. Tha i a' pronnadh, tha i a' briseadh.

"Tha thu ag iarraidh mòine bhàn. Chan eil mòran feum annta. Chì thu na fàdan a tha sin. Tha iad cho aotrom.

"Ach tha iad cruaidh, 's fuirichidh iad ri chèile fad na bliadhna.

"Anns an là an-diugh chan ann tric a gheibh thu daoine a ghearras fàdan ceart dhut ann.

"Ach tha thu ag iarraidh ceàrnag air choireigin fhaighinn. Ach chan eil mise a' coimhead gu bheil aon agam ann an seo a tha ceart, feumaidh mi dèanamh an rud as urrainn dhomh.

Ealain

"Mar a bha am bliadhna, bha tòrr uisge ann, agus nuair a chaidh a' mhòine a shadail a-mach, thàinig tòrr bùirn oirre, agus chaidh i cho flat agus dh'fhalbh na h-oirean geura.

"Mar sin, chan fhaigh thu oir ceart air càil an seo, agus tha i beagan nas robaiche na bha dùil agam," thuirt e.

Tha cuid de dhaoine air "ealain" a ghabhail air deagh chruaich, air a togail gu math, 's iad a' coimhead gur e rud brèagha a th' innte. Chan ann mar sin a bha Mgr MacLeòid ga coimhead

"Air sgàth 's gu bheil e anns an àite a tha seo, tha mi a' creidsinn gur e ealain a th' ann. Ach cha do shaoil sinne sin riamh.

"Mar a tha cùisean an-dràsta, saoilidh mise gu bheil e beagan a-mach à àite ann an seo. Ach 's e daoine eile 's dòcha a chanas sin.

"Bhiodh mi fhìn 's m'athair a' dèanamh seo.

"Mar a bha sinne anns an Rubha an-dràsta, bha sinn a' dèanamh cruaiche fhad 's a bha a' mhòine a' tighinn dhachaigh leis an tractair.

"Agus dh'fheumadh tu stèidheadh a dhèanamh eadar na lòdan. Agus bha cabhag mhòr oirnn.

Start Quote

'S e ola a bhiodh iad a' losgadh na àite, agus mar sin chan eil i càil nas miosa na càil sam bith eile.”

End Quote Alasdair MacLeòid Fear-togail na cruaiche

"An dòigh anns a bheil sinne ga dhèanamh, 's e a dhèanamh cho cabhagach 's a ghabhas, gum fuirich i an-àirde.

"Agus bha e math, daoine a' tighinn dhachaigh an uair sin às dèidh a' mhòine a bhith aig an taigh, 's a' chruach crìochnaichte," thuirt e.

B'e adhbhar pròis a bh' ann cruach mhath a bhith aig daoine, agus bha beagan farpais a' dol sa bhaile aig àm toirt dhachaigh na mònadh.

"Bha sin ann, agus cò a dhèanadh a' chiad chruach cuideachd.

"Agus bha daoine ann bha cruach às dèidh cruaiche aca, agus dh'fhuirich iad an-àirde bliadhnaichean mòra.

"Mar a bha sinne, bha sinn ga losgadh air an spòt. An là a bha i dùinte bha sinn ga fosgladh airson mòine a thoirt àiste," thuirt e.

Tha Mgr MacLeòid a' faicinn laigsean ann a bhith a' losgadh mònadh, ach 's fhiach a bhith ga dhèanamh fhathast, tha e ag ràdh.

"'S e glè bheag de chùmhnadh a th' ann a thaobh a bhith a' teasachadh an taighe. Ma tha teine fosgailte agad, tha barrachd teas a' dol suas an t-similear na tha thu a' faighinn às. Bhiodh tu tòrr na b'fheàrr an t-similear a dhùnadh, tha eagal orm.

"Bhiodh e math ann an stòbha ùr ge-tà. Fiù 's a' mhòine bhàn a tha seo, dhèanadh i math ann an stòbha ùr.

"A thaobh a' mhòinteach a bhith a' stòradh càrboin, tha sin ann cuideachd. Ach duine sam bith a tha a' buain mònadh an-dràsta, 's e ola a bhiodh iad a' losgadh na àite, agus mar sin chan eil i càil nas miosa na càil sam bith eile," thuirt e.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.