Corp air fhaighinn an Gleann Comhann

  • 2 An t-Sultain 2013

Chaidh corp fhear-sreap a bha a dhìth ann an Gleann Comhann fhaighinn aig an deireadh sheachdainn.

B' e Iain King, a bha 63, à Drochaid an Easbaig faisg air Glaschu.

Bha e air a bhith a dhìth bho Dhimàirt, nuair nach do chaill e dhachaigh às dèidh dha a-muigh a' coiseachd ann an Gleann Èite, faisg air Buachaille Èite Mòr.

Bha grunn bhuidhneann-teasairginn a-muigh ga shireadh, agus fhuaireas corp Mhgr King Disathairne.

Chaidh fios a chuir gu theaghlach.