Coinneamh mu chumhachdan eileanach

  • 29 An Lùnasdal 2013
Ar n-Eileanan ri Teachd
Image caption Tha na h-Eileanan Siar, Arcaibh is Sealtainn ag iarraidh tuilleadh chumhachdan.

Coinnichidh a' bhuidhean-ghnìomha a bhios a' coimhead air iarrtas nan ùghdarrasan eileanach airson cumhachdan a bharrachd airson a' chiad uair Diardaoin.

Thig ceannardan chomhairlean nan Eilean Siar, Arcaibh 's Shealtainn còmhla ri riochdairean Riaghaltas na h-Alba ann an Dùn Èideann.

Tha Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, ag ràdh gun tèid bruidhinn air Oighreachd a' Chrùin aig a' choinneimh, ach nach eil dùil ri co-dhùnaidhean susbainteach.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gur e sin nàdar nan còmhraidhean," thuirt e.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bi còmhradh ann mu dheidhinn cuspair Oighreachd a' Chrùin, agus anns na coinneamhan a leanas, thairis air na mìosan bithear a' coimhead ri cuspar fa-leth.

"Ach chan eil sinn a' smaoineachadh gum bi càil susbainteach a' tighinn a-mach às a thaobh cho-dhùnaidhean sam bith gu deireadh na cùise, chanainn," thuirt e.

Thuirt Mgr Dòmhnallach cuideachd gu bheil na planaichean air deagh èisteachd fhaighinn thuige seo.

"Tha sinn dòchasach dha-rìribh. Na còmhraidhean a th' air a bhith ann gu ruige seo, tha iad air a bhith gu math taiceil.

"Chan eil sin a' ciallachadh gu bheil iad air càil aontachadh.

"Ach tha iad a' faicinn gu bheil e ciallach a bhith a' coimhead ri sin, gu bheil an àm ceart ann airson a bhith a' coimhead ri sin as ùr.

"Agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad air a bhith cho taiceil 's a ghabhas gun a bhith a' toirt gealltanais sam bith seachad," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile