Deireadh sheachdainn mhòr san iomain

Tha Baile ùr an t-Slèibh gu math faisg air a' Phrìomh Lìg a thogail a-rithist às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air a' Ghearasdan 5-1 Disathairne.

Dh'fhaodadh a-nis nach bi aca ach aon gheam eile a chluich airson an tiotal a dhearbhadh 's iad gu bhith a' strì ri Ceann Loch Seile Disathairne sa tighinn.

Seachdainn às dèidh sin cluichidh iad anns a' chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Ma ghlèidheas iad am prìomh lìg an t-seachdainn-sa, tha eòlaiche na h-iomain Ùisdean MacIllinnein a' dèanamh dheth gun toireadh sin spionnadh dhaibh a' dol a-steach dhan gheam sin.

"Nam buinigeadh iad an lìg Disathairne bheireadh e nàdar de mhisneachd agus de bhrosnachadh dhaibh a'dol a-steach dhan chuairt dheireannaich ach 's e a' cheist dè thachras nan cailleadh iad an aghaidh Cheann Loch Seile agus dh'fhàgadh sin an lìg ri fhuasgladh an dèidh Cupa na Camanachd", thuirt e.

Tha e fhathast a' faileachadh air Caol Bhòid mòran adhartais a dhèanamh anns an lìg, às dèidh mar a chrìochnaich an geam aca-san an aghaidh Chamanachd an Òbain gun tadhal.

Tha Caol Bhòid anns an 8mh àite anns a' phriòmh lìg.

Chaidh dearbhadh cuideachd aig an deireadh sheachdainn nach bi Camanachd an Eilein Sgirtheanaich a-nis a' cluich anns an lìg ùr nàiseanta.

'S iad Cabar Fèidh agus Gleann Urchaidh a thèid a-steach dhan lìg ùir.

Camanachd Leòdhais

Chrìochnaich Camanachd Leòdhais an seusan aca-san anns an 9mh àite anns an lìg, às dèidh a' gheam mu dheireadh aca an aghaidh Inbhir Nis Disathairne.

'S ann aig 3-3 a chrìochnaich an geam.

"Tha iad air ceum air adhart a ghabhail, tha mi a' smaoineachadh agus 's e sin mar a bha cùisean gu bhith - cha robh iad dol a dhèanamh ceumanan mòra, 's e ceumanan beag a bhios ann agus 's e adhartas eile a tha seo mar a rinn iad am bliadhna", thuirt Ùisdean MacIllinnein.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • Gleann DailBàird Ghleann Dail

    Leabhar ùr ga fhoillseachadh a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus bàrdachd a mhac, Niall 's Iain Dubh.


  • Caisteal Inbhir NisIonad-turasachd ùr san amharc?

    Buidheann-obrach ùr ga stèidheachadh gus beachdachadh air Caisteal Inbhir Nis.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.