Fear fo chasaid mu "mhaoidheadh boma"

  • 28 An Lùnasdal 2013

Nochd fireannach 33 bliadhna de dh'aois gu prìobhaideach ann an Cùirt an t-Siorraim an Inbhir Nis co-cheangailte ri casaidean maoidheadh boma aig Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Chaidh Gareth Benbow, às Inbhir Nis, a chur fo chasaid gun robh e ri dol-a-mach mì-chùramach.

Cha do rinn e tagradh.

Chaidh a chumail an grèim agus thèid tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh.

Nochdaidh e anns a' chùirt a-rithist air an 4mh là den t-Sultain.