Cha chuirear a' cheist sa Ghàidhlig

  • 27 An Lùnasdal 2013
Seòmar na Pàrlamaid Image copyright PA
Image caption Thuirt a' chomataidh nach deach argamaid làidir a dhèanamh airson bileig dhà-chànanaich.

Cha bu chòir a' Ghàidhlig a bhith air pàipear-bhòtaidh an referendum air neo-eisimeileachd, a rèir comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Bha Comataidh Bile an Referendum a' beachdachadh air a' chùis mar phàirt de sgrùdadh air riaghailtean a' bhaileit.

Tha a' chomataidh ag ràdh gun d'fhuair iad fianais sgrìobhte gu leòr a' moladh pàipear-bhòtaidh an dà chuid anns a' Bheurla agus a' Ghàidhlig.

Ach cha do ghabh buill ri sin, ag ràdh nach deach argamaid làidir a dhèanamh airson pàipeir-bhòtaidh dà-chànanaich.

Anns an fhianais acasan don chomataidh, thuirt Bòrd na Gàidhlig gun deach seo an aghaidh inbhe na Gàidhlig mar chànan oifigeil na h-Alba fo Achd na Gàidhlig 2005.

Ach thuirt a' chomataidh gum biodh pàipear-bhòtaidh aona-chànanach 'sìmplidh' agus 'soilleir', ag ràdh gum biodh eadar-theangachadh Gàidhlig ri fhaotainn don fheadhainn a bha ga iarraidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile