Ionnsaigh air eun ga sgrùdadh

  • 26 An Lùnasdal 2013
Faoileag
Image caption Chaidh an fhaoileag a lorg aig cearcall rathaid nan Innseagan ann an Inbhir Nis.

Tha rannsachadh air tòiseachadh às dèidh mar a chaidh ionnsaigh a thoirt air eun le bogha ann an Inbhir Nis.

Chaidh an fhaoileag a lorg aig cearcall rathaid nan Innseagan sa bhaile le saighead na broilleach.

Thuirt a' bhuidhean charthannais an SSPCA gun robh an t-eun air a ghoirteachadh cho dona is gun robh aca ri cur às dha.

Thuirt Àrd-Fhear-Sgrùdaidh na buidhne, Iain Allan, gur e ionnsaigh bhrùideil a bh'ann is dh'iarr e air duine le fiosrachadh mu na thachair tighinn air adhart.

Dh'innis Mgr Allan nach eil a' bhuidheann cinnteach càite an do thachair an ionnsaigh is coltas ann gun robh e comasach dhan eun sgeith às dèidh na h-ionnsaigh.

Sa Ghearran chaidh faoileag a lorg le saighead na h-amhach aig Mile End Place ann an Inbhir Nis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile