Taic do Bhunait Linda Norgrove

  • 26 An Lùnasdal 2013
Linda Norgrove Image copyright Other
Image caption Chruthaich pàrantan Linda Norgrove carthannas a th' air ainmeachadh às a dèidh.

Thug buidheann taic Ameireaganach airgead do charthannas a chaidh a stèidheachadh mar chuimhneachan air Linda Norgrove, am boireannach à Leòdhas a chaidh a mharbhadh ann an Afganastan nuair a chaidh oidhirp a dhèanamh a saoradh bho reubaltaich.

Bha Linda Norgrove, 36, ag obair anns an dùthaich nuair a thug reubaltaich am bruid i ann an 2010.

Mharbh boma-làimhe i nuair a chaidh feuchainn ri a saoradh.

Gheibh Bunait Linda Norgrove taic bho USAID le bhith a' stèidheachadh lìonra de 40 leabharlann coimhearsnachd ann an Afganastan.

Bheir an carthannas Ameireaganach £401,000 seachad.

B' e pàrantan Linda a stèidhich Bunait Linda Norgrove.

Chun an seo, tha a' bhunait air taic a thoirt do dh'Afganaich a th' air dochann anns an dachaigh fhulang.