Spadadh fhiadh ga iarraidh

  • 23 An Lùnasdal 2013

Tha fear de bhuill na Gàidhealtachd ann am Pàrlamaid na h-Alba a' sireadh chòmhraidhean èiginneach mu àireamhan nam fiadh.

Tha dragh air a' bhall Nàiseantach Rob Gibson gum faodadh cothromachadh ann an sgìrean coille a bhith ann an cunnart.

Dhiùlt SNH cead do dh'Urras Iain Mhuir fèidh a spadadh a-mach à seusan air Oighreachd Chuinneig ann an Asainnte gus coille a dhìon.

Thuirt Mgr Gibson gum feum smuaintean glèidhteachais prìomhachas fhaighinn.