Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha àrd-riochdaire bhon UN air a slighe gu ruige Siria, a dh'iarraidh cead bhon riaghaltas ann an Siria sgioba bhon UN a leigeil dhan sgìre anns a bheil aithrisean gun do chleachd feachdan an Riaghltais armachd cheimigeach. Tha aithrisean ann gun deach ceudan dhaoine a mharbhadh ann an ionnsaigh cheimigich faisg air Damascus Diciadain. Tha Riaghaltas Shiria ag ràdh nach robh gnothach acasan ris. Tha dragh ann gum bi fianais is dearbhadh air ionnsaigh sam bith air falbh mun àm a gheibh luchd-sgrùdaidh an UN dhan sgìre.

Eaconamaidh Bhreatainn

Tha figearan ùra ag ràdh gun do dh'fhàs eaconamaidh Bhreatainn beagan a bharrachd air na bha dùil eadar an Giblean agus an t-Ògmhios aig 0.7%. B'e 0.6% a' chiad thomhas a bh' ann.

An Eaglais Chaitligeach

Thuirt seann Àrd-Easbaig Ghlaschu, Mario Conti, gun do chuir an Càrdanal Keith O'Brien stad air rannsachadh mu dhroch dhìol dhrabasta san eaglais. Thuirt esan ann an iris Chaitligeach an Tablet, gur e Càrdanal O'Brien, a dh'aidich e fhèin gun robh e ri dol-a-mach drabasta ri sagairtean eile, a chuir bacadh air an rannsachadh, ged a dh'aontaich easbaigean Albannach eile gum bu chòir rannsachadh a dhol air adhart.

Bill Walker

Tha buidhnean chòirichean bhoireannach am measg na tha a' cur cuideim air ball neo-eisimeileach Dhùn Phàrlainn ann am Pàrlamaid na h-Alba, Bill Walker, a dhreuchd fhàgail. Chaidh Mgr Walker fhaighinn ciontach fo shreath chasaidean gun tug e ionnsaighean air triùir de na mnathan a bh' aige, agus nighean tè de na mnathan sin. Tha na Làbaraich am measg na tha a' faighneachd dè b'aithne dhan SNP mu na casaidean an aghaidh Mhgr Walker nuair a chaidh a thaghadh airson seasamh dhan SNP ann an 2011. Chaidh Mgr Walker a chur a-mach às an SNP bhon uair sin.

Taighean air Croit

Chaidh tagradh ri Cùirt an Fhearainn mu phlana airson deich taighean ùra a thogail air fearann croite ann am Baile a' Chaolais a Tuath. Dhiùlt Coimisean na Croitearachd cead an talamh a thoirt a-mach à croitearachd, ach tha an fheadhainn dham buin a' chroit a-nise a' cur an aghaidh a' cho-dhùnaidh sin anns a' Chùirt.