Dàil eile air Àrd-sgoil Chinn a Ghiuthsaich

  • 23 An Lùnasdal 2013
Ceann a' Ghiuthsaich Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Bha dùil gum fosgladh an sgoil a-rithist Diciadain airson na bliadhna sgoile ùire.

Chaidh dàil a bharrachd air fosgladh Àrd-Sgoil Chinn a' Ghiuthsaich is chan fhosgail i idir Dihaoine mar a bha dùil.

Bha còir gum fosgladh an sgoil Diciadain agus obair leasachaidh ga dèanamh oirre.

Chaidh innse an uair sin gur ann Dihaoine a dh'fhosgladh i, ach cha deach an ceann-là sin a choileanadh.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin gu bheil duilgheadas air a bhith ann le siostam rabhaidh nan teineachan.

Tha an t-seirbheis smàlaidh ag ràdh nach eil an siostam a' tighinn a rèir riaghailtean slàinte is sàbhailteachd agus mar sin nach fhaod daoine a dhol a-steach dhan togalach.

Dh'iarr an t-ùghdarras ionadail uair eile leisgeul sgoilearan agus phàrantan airson na th' air tachairt.