Fear-baidhsagail ga chàineadh

  • 23 An Lùnasdal 2013

Tha na poilis ag ràdh gun thog duine am baidhsagail aige seachad air bacadh crois-rèile an Ceann a' Ghiuthsaich agus gun choisich e tarsainn fhads a bha trèana a' tighinn.

Thuirt Poilis Chòmhdhail Bhreatainn gun thachair seo mu 16:50 air an 11mh latha dhen Lùnasdal.

Thuirt an t-oifigear sgrùdaidh Nicky Ritchie: "Bha an rud a rinn am fear-baidhsagail gòrach agus cunnartach.

"Ma tha fiosrachadh agaibh, cuiribh brath thugainn."