Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thuirt an Fhraing gum feum a' choimhearsnachd eadar-nàiseanta a dhol an sàs, le armachd ma dh'fheumas iad, ma thèid dearbhadh gun do chleachd an Riaghaltas ann an Siria armachd cheimigeach. Tha aithrisean ann gun deach ceudan dhaoine a mharbhadh ann an ionnsaigh cheimigich faisg air Damascus. Tha Riaghaltas Shiria ag ràdh nach robh gnothach acasan ris.

Bill Walker

Chaidh am ball neo-eisimeileach do sgìre Dhùn Phàrlainn ann am Pàrlamaid na h-Alba, a tha 71 bliadhna de dh'aois, fhaighinn ciontach aig Cùirt an t-Siorraim ann an Dùn Èideann an-diugh fo chasaidean gun tug e ionnsaighean air triùir de na mnathan a bh' aige, agus nighean tè de na mnathan sin, eadar 1967, agus 1995. Thèid binn air air an ath-mhìos.

Yes Scotland

Dh'innis a' bhuidheann iomairt Yes Scotland, a tha ag iarraidh neo-eisimeileachd do dh'Alba, gun do phàigh iad sgoilear acadaimigeach airson pìos a sgrìobhadh dhan phàipear-naidheachd an Herald. Thuirt a' bhuidheann Better Together, a th' air taobh an Aonaidh, gur e buille a tha seo dhan iomairt airson neo-eisimeileachd. Tha Poilis an-dràsta a' rannsachadh an deach bristeadh a-steach gun chead air puist-dealain le Yes Scotland.

Methadone

Thuirt a' chiad sgrùdadh riamh air prògram methadone na h-Alba gum bu chòir an sgeama a chumail a' dol, ach gum feum coimhead cuideachd air dòighean eile air cuideachadh a thoirt do dhaoine a tha an grèim heroine. Tha am prògram a' cuideachadh còrr is 20,000 Albannach. Thuirt an aithisg gum feum barrachd a dhèanamh airson daoine a shaoradh bho heroine gun a bhith air am fàgail a' crochadh air drogaichean eile mar mhethadone.

Còmhdhail Sgoile

Dh'iarr Comataidh nan Seirbheisean Cloinne agus Inbheach aig Comhairle na Gàidhealtachd air a' Chomhairle sùil às ùr a thoirt air a' phoileasaidh a th' aca a tha a' cur cosgais de £1 gach là air gach leanabh sgoile nach eil airidh air bus-sgoile, ach a tha a' faighinn bus chun na sgoile, ged a bhitheadh iad a' fuireach nas fhaisge na dhà no trì mìle air an sgoil. Tha a' chosgais sin cuideachd a' tuiteam air chloinn a tha a' siubhail air bus gu sgoil eile taobh a-muigh na sgìre-sgoile aca fhèin. Tha mòran phàrantan air diùltadh pàigheadh 's iad ag ràdh gu bheil an sgeama a' cur tuilleadh cosgais orra, agus gu bheil e cunnartach cuideachd do chloinn a bhith a' coiseachd ri taobh an rathaid mhòir.

Ratharsair

Chuir Com-pàirteachas Leasachaidh Ratharsair fios air Coimisean na Coilltearachd gu bheil iad airson cha-mhòr 300 heactair de thalamh coille air an eilean a cheannach. Tha an Com-pàirteachas a' bruidhinn air croitean coille a chruthachadh, agus leasachaidhean leithid sgeama hydro. Tha beachdan gan iarraidh an-dràsta mun tagradh, mar phàirt de cho-chomhairleachadh mu na planaichean, a mhaireas ceithir seachdainnean.

Aiseag a' Chorrain

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach bi maill sam bith air seirbheis Aiseig a' Chorrain ann an Loch Abar, ged a thòisicheas obair èiginn air laimrig an Àird Dhobhair aig toiseach na seachdain seo tighinn. Mairidh an obair, a bhios a' dol air adhart air an oidhche, airson ceithir seachdainnean.