Cungaidhean-leighis
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Gealltannas mu bhùth chungaidhean-leighis

22 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gheall Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gun riochdaich iad beachdan mhuinntir Uibhist gu soilleir nuair a choinnicheas iad ris a' chomataidh a nì co-dhùnadh air plana airson bùth chungaidhean-leighis fhosgladh ann am Beinn nam Fadhla.

Bha còrr is 100 duine an làthair aig a' chiad coinneimh cho-chomhairleachaidh air a' chùis, a chaidh a chumail ann am Baile Mhanaich oidhche Mhàirt.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.