"Losgadh" Inbhir Nis - fear an grèim

  • 22 An Lùnasdal 2013

Tha fireannach an grèim aig na poilis às dèidh do dh'aithrisean nochdadh gun deach gunna a losgadh an Inbhir Nis Diardaoin.

Chaidh poilis le gunnaichean a chur dhan sgìre tràth feasgar agus chaidh Rathad MhicAoidh agus Slighe Leyton a ghearradh dheth.

Chaidh iarraidh air daoine air na ròidean sin fuireach a-staigh agus chaidh chlann agus tidsearan aig sgoil faisg air làimh a chumail anns an togalach.

Bha mòran phoilis aig flataichean air Rathad MhicAoidh fad an fheasgair Diardaoin agus air an fhionnairidh.

Oidhche Dhiardaoin, dhearbh iad gu bheil fireannach aca an grèim agus thuirt iad gu lean an cuid sgrùdaidh.