Gealltanas mu Aiseag a' Chorrain

  • 22 An Lùnasdal 2013

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach cuir obair èiginneach a tha ga dèanamh aig Cidhe Àird Dhobhair maill air seirbheisean làitheil Aiseag a' Chorrain.

Thèid an obair a dhèanamh air an oidhche thairis air ceithir seachdainnean.

Tòisichidh an luchd-obrach Diluain seo tighinn.

Thèid a' mhòr-chuid den obair a dhèanamh fon fhairge, agus thèid an uidheamachd air tìr a chumail air falbh bho thaighean.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil iad duilich ma chuireas an obair dragh air daoine.