Sanasan ùra airson dotairean

  • 22 An Lùnasdal 2013

Cha do shoirbhich leis a' chiad sreath de shanasan airson dotairean teaghlaich fhaighinn air Taobh Siar Loch Abair.

Tha NHS na Gàidhealtachd air innse gun cuir iad sanasan ùra a-mach a-nis.

Feumaidh tagraichean cur a-steach airson nan obraichean ro mheadhan an t-Sultain.

'S e dotairean pàirt-ùine as motha a tha a' frithealadh an àite an-dràsta.

Tha Bòrd na Slàinte an dòchas sgioba de dhotairean teaghlaich fhaighinn a bhios ag obair a-mach à Malaig agus Àth Tharracail.

Tha daoine anns an sgìre air a bhith ag iomairt airson grunnan bhliadhnaichean is iad a' feuchainn ri seirbheis nas fheàrr fhaighinn.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach do sheall cus dhaoine ùidh anns a' chiad sreath de shanasan, ach gu bheil iad an dòchas gun nochd barrachd thagraichean an turas seo.