"20 sgoilear an lùib cùis Chille Chuimein" a rèir nam Poileas

  • 22 An Lùnasdal 2013

Lorg poilis a tha a' sgrùdadh drabastachd is droch dhìol aig Sgoil Abaid Chille Chuimein còrr air 20 duine a dh'fhaodadh a bhith air fulang.

Nochd casaidean mun sgoil air prògram aig a' BhBC anns an Iuchar.

Thòisich na Poilis sgrùdadh air Sgoil Abaid Chille Chuimein agus an sgoil ullachaidh, Carlekemp, anns a' Mhàrt às dèidh do sheann sgoilear gearain riutha.

Chuir còrr air 50 duine fios chun a' BhBC ag ràdh gun robh drabastachd is droch dhìol a' tachairt aig an sgoil.

Thuirt Poilis na h-Alba agus Oifis a' Chrùin gu bheil iad air a bhith ag obair còmhla ri poilis air feadh Bhreatainn agus taobh a-muigh na dùthcha.

Bha iad ag ràdh cuideachd gun dèan "oifigearan sònraichte làn-sgrùdadh agus gun tèid sin a chur gu Neach-casaid a' Chrùin airson Ceann a Tuath Alba".