Ministearan ag iomairt mun A9

  • 21 An Lùnasdal 2013
A9
Image caption Bidh meall thubaistean air an A9 gach bliadhna.

Chuir buidheann de mhinistearan na h-Eaglaise Saoire air Ghàidhealtachd litir gu Rùnaire na Còmhdhail, Keith Brown, ag iarraidh air cabhag a chur ris na planaichean airson an A9 eadar Inbhir Nis agus Peairt gu lèir a thoirt gu ìre dhùbailte.

Tha na Ministearan ag ràdh anns an litir nach eil iad ag iarraidh a bhith os cionn an còrr sheirbheisean tiodhlacaidh an dèidh thubaistean-rathaid.

Gheall Riaghaltas na h-Alba gum bi an earrainn sin den rathad dùbailte gu lèir ro 2025.

Tha na Ministearan ag ràdh ge-tà, gu bheil sin ro fhada air falbh, 's gum bu chòir dhan obair a bhith deiseil fada ron a sin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile