Comhairle air sgrìobhadh gu stèiseanan connaidh

  • 21 An Lùnasdal 2013
Pumpa Peatroil
Image caption Tha sgeama a' ruith sna h-eileanan mar thà.

Sgrìobh Comhairle na Gàidhealtachd gu comanaidhean a tha a' ruith stèiseanan connaidh dùthchail a dhènamh cinnteach gu bheil fhios aca gu bheil co-chomhairleachadh a' dol air adhart an-dràsta air sgeama a bheireadh lùghdachadh air prìs a' chonnaidh sna sgìrean sin.

Tha sgeama mar thà stèidhichte sna h-eileanan ann an Alba, agus ann an Eileanan Scilly anns a' Chòrn, a tha a' toirt 5sg far prìs gach liotair de pheatrol 's diesel.

Thathas a' coimhead ri bhith a' sgaoileadh an sgeama sin gu sgìrean air Tìr Mòr far a bheil cosgais a' chonnaidh gu math àrd.

Tha Riaghaltas Bhreatainn a' coimhead ri sin a dhèanamh ann an 36 sgìrean air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Ann an Alba, 's ann air Siorrachd Obar Dheathain, Aonghas, Earra-Ghàidheal is Bòd, Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh, a' Ghàidhealtachd, Moireibh, Peart is Cinn Rois, na Crìochan, agus Siorrachd Àir a Deas, a tha an Riaghaltas a' coimhead airson an sgeama a stèidheachadh, 's iad air fiosrachadh iarraidh bho stèiseanan connaidh sna sgìrean sin feuch cionnas a tha na prìsean aca aig na pumpaichean.

Tha a' Chomhairle a' cur an cuimhne chompanaidhean connaidh gu bheil an co-chomhairleachadh a' dol air adhart, agus gum feum freagairtean a bhith a-staigh aig an Riaghaltas ro 4mh an Sultain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile