Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Peru

Chaidh boireannach òg às Alba agus tè òg às Èirinn a Tuath a chur fo chasaid ann am Peru gun robh iad ri cùiltearachd dhrogaichean. Chaidh luach £1.5m de chocaine fhaighinn ann am bagannan Melissa Reid à Lenzie ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn, agus Michaella McCollum à Tír Eoghainn, aig Port-adhair Lima bho chionn cola-deug. Thuirt fear-lagha gun tèid iad às àicheadh, ach tha dragh ann gum bi iad mìosan no fiù 's bliadhnaichean anns a' phrìosan mus tèid a' chùis gu cùirt.

An Guardian

Tha e air tighinn am follais gur e am Prìomhaire Dàibhidh Camshron a dh'iarr air Rùnaire a' Chaibineit grèim fhaighinn air fiosrachadh a bha an Guardian air fhaighinn bho Eideard Snowden. 'S esan an Aimeireaganach a sgaoil fiosrachadh dìomhair mu sheirbheisean tèarainnteachd nan Stàitean Aonaichte. Tha an Guardian ag ràdh gun deach òrdachadh dhaibh cur às dha na coimpiutairean air an robh am fiosrachadh sin air a chlàradh.

Agus tha David Miranda, companach an fhir-naidheachd aig a' Ghuardian, Glenn Greenwald, a' toirt Oifis na Dùthcha gu lagh mun dòigh san deach esan a chur an grèim 's a cheasnachadh airson naoi uairean de thìde aig Port-adhair Heathrow. 'S e Glenn Greenwald a thug am follais an sgeulachd mu Eideard Snowden, agus a th' air mòran a sgrìobhadh mu sheirbheisean tèarainnteachd Bhreatainn agus nan Stàitean Aonaichte.

Siria

Tha aithirsean air tighinn à Siria, nach eil dearbhte, gun tug feachdan an Riaghaltais an sin ionnsaigh le armachd cheimigeach air sgìre ann an Damascus a tha fo smachd Reubaltach. Tha Buidheann Faire Shiria, a tha stèidhichte ann am Breatainn, ag ràdh gun deach mòran a mharbhadh, agus chuir iad dealbhan bhideo air-loidhne, 's iad ag ràdh gu bheil iad a' sealltainn feadhainn a chaidh a leòn.

An Èipheit

Tha ministearan cèine an Aonaidh Eòrpaich aig coinneimh èiginn sa Bhruiseil an-diugh mun t-suidheachadh san Èipheit. Tha cuid de dhùthchannan ag iarraidh stad a chur air an taic-airgid dhan Èipheit gus an tèid deamocrasaidh a stèidheachadh an sin a-rithist.

MV Loch Seaforth

Thèid tòiseachadh a' togail bàt-aiseig ùr Leòdhais, an Loch Seaforth, anns a' Ghearmaillt air an ath-mhìos. Chaidh planaichean an t-soithich atharrachadh airson einnsinn eile, an còigeamh einnsinn, a chur innte. Tha dùil rithe air an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.

MV Hebrides

Agus dh'innis Caledonian Mac a' Bhriuthainn gum fuirich am bàt-aiseig an Hebrides air an t-slighe eadar Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart fad a' Gheamhraidh seo tighinn, fhad 's a tha bàtaichean eile aig doc. Bha mòran de ghearainnean ann mu bhàta Ìle, am Finlaggan, a chaidh an àite an Hebrides an-uiridh, fhad 's a bha an Hebrides a' seòladh air seirbheisean eile.